’S e an fhèis chultarach Ghàidhlig as motha ann an Alba a th’ anns a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail agus bheir seo cothroman do urrasairean ’s luchd taice am bathair ’s na seirbheisean aca a bhrosnachadh fhad ’s chuireas iad taic ri dualchas chultarach Ghàidhlig na h-Alba.
Tha an taic chunbhalach a gheibhear bho cheàrnaidhean poballach mar na h-ùghdarrasan ionadail sna h-Eileanan Siar, Earra-Ghàidheal is Bhòid, An Eaglais Bhreac, a’ Ghaidhealtachd agus Peairt ’s Ceann Rois sàr chudromach do leasachadh a’ Mhòid san àm ri teachd.
Tha dlùth dhàimh air a bhith aig Caledonian Mhic a’ Bhriuthainn o chionn fhada dhan Ghàidhealtachd, na h-Eilean agus taobh siar na h-Alba mar sheirbheis aiseagan cudromach, agus tha iad air a bhith nam prìomh urrasairean a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail bhon a bha e sa Leargaidh Ghallda ann an 2002.
Tha na prìomh bhuidhnean Ghàidhlig eile a leithid Bòrd na Gàidhlig, agus Comhairle nan Leabhraichean cuideachd a’ toirt taic chudromach dhan Mhòd.