Buaidh mhòr eaconamach aig tachartas ciùil is cultair na Gàidhealtachd còmhla ri àrdachadh ùidhe ann an Gàidhlig
Chunnaic am Mòd Nàiseanta Rìoghail 2022, a ghabh àite ann am Peairt bho 14 – 22 Dàmhair, togail de £2.5 millean ann an eaconamaidh na sgìre le 98% de chaiteachas a’ gabhail àite anns a’ Bhaile
Bhòidheach thar nan naoi latha den fhèis chultaraich.
Thaisbean an tachartas a tha 130-bliadhna a dh’aois, agus a bhios a’ comharrachadh cànan, ceòl, agus cultar na Gàidhlig tro mheasgachadh de fharpaisean, coileanaidhean, bùithtean-obrach agus gnìomhachdan iongantach, togail sòisealta agus cultarach àibheiseach do bhaile-mhòr Pheairt.
Chunnaic tachartas 2022 meudachadh de 130% ann an luchd-frithealaidh pearsanta bho 2021 nuair a bha cuid de chuingealachaidhean Covid-19 nan àite, a’ cur fàilte air còrr air 7,500 neach-tadhal agus a’ toirt togail eaconamach a chuidich le taic a thoirt do mu 30 obair an coimeas ri làn-ùine.
Tha fianais ann cuideachd gum bi dìleab leantainneach aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail do bhaile-mhòr Pheairt, agus do Mhòdan eile san àm ri teachd. Bha spèis mhòr aig luchd-tadhail don bhaile agus do na h-ionadan-cruinneachaidh, agus thathar a’ measadh gum faodadh £1 millean eile a bhith air a chosg an sin le luchd-frithealaidh a’ Mhòid a’ tilleadh an sin a-rithist san àm ri teachd. Cha robh aon Mhòd faisg air a bhith gu leòr don mhòr-chuid le 95% den fheadhainn san t-suirbhidh ag ràdh gum biodh iad coltach no glè choltach tilleadh gu Mòd na bliadhna-sa ann am Pàislig san Dàmhair.
Thuirt Ailean Caimbeul, Ceann-suidhe a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha sinn air leth toilichte gum faca Mod 2022 a leithid de mheudachadh ann an luchd-frithealaidh, agus sinn a’ tilleadh gu tachartas làn-sgèile. Is e fèis a th’ innte a tha cho deatamach ann an saoghal na coimhearsnachd Ghàidhlig agus aon a tha fìos againn aig a bheil buaidh àibheiseach chultarach is eaconamach air na bailtean
aoigheachd agus na bailtean mòra air feadh Alba. Bha Peairt mar an ceudna, a’ ginteadh togail eaconamach meudmhor don bhaile agus do na sgìrean mun cuairt, a thuilleadh air ùidh ann an cànan is cultar na Gàidhlig a bhrosnachadh.
“Tha An Comunn a’ cur mealadh naidheachd air gach neach a bha an sàs ann am Mòd Nàiseanta Rìoghail 2022 agus tha sinn gu mòr a’ dèanamh fiughair ri tachartas 2023 na bliadhna-sa ann am Pàislig. Tha sinn an dòchas gum bi an t-slighe àrdachaidh seo a’ leantainn anns an àireamh de chom-pàirtichean agus luchd-tadhail agus sinn a’ dèanamh air Siorrachd Rinn Friù san Dàmhair.”
Thuirt Paul Bush OBE, Stiùiriche Thachartasan VisitScotland: “Bhon fhosgladh le caismeachd lòchrain agus taic bho na pìobairean gu na còisirean a’ seinn còmhla a’ cur dùnadh air an iomairt, bha
tilleadh a’ Mhòid a Pheairt na shoirbheachadh mòr agus sholaraich am baile àrd-ùrlar foirfe airson a’ chomharrachaidh seo air cultar na Gàidhlig. Tha a bhith a’ faicinn togail de £2.5m san sgìre na fhianais mhìorbhaileach air buannachdan eaconamach nan tachartasan, a thuilleadh air an àite chudromach aca ann an coimhearsnachdan a bhith a’ tighinn còmhla gus tlachd a ghabhail agus a’ roinn chuimhneachain.”
Thuirt an Comhairliche Anndra Parrott, neach-gairm Comataidh Àrainneachd, Bun-structar is Leasachadh Eaconamach aig Comhairle Pheairt is Cheann Rois: “Bha am Mòd a’ tilleadh a Pheairt na shoirbheachadh mòr mar fharpais agus a thaobh na buaidh eaconamach a thug e do Pheairt.
“Thug am Mòd togail sònraichte do ghnothachasan ionadail ach thaisbean e cuideachd cho aoigheil ’s a tha baile-mòr Pheairt, an dà chuid a thaobh nan ionadan cruinneachaidh a th’ againn agus an fhàilte bhlàth a chuir sinn air luchd-tadhail an-uiridh.
“Ron bhliadhna an-uiridh, cha robh Peairt air aoigheachd a thoirt don Mhòd bho 2004 agus tha mi an dòchas nach bi 18 bliadhna eile ann mus till e.”
Thuirt an Comhairliche Iain Duff, gaisgeach na Gàidhlig aig Comhairle Pheairt is Cheann Rois: “Bha e mìorbhaileach aoigheachd a thoirt don Mhòd ann am Peairt an-uiridh agus gun do chòrd a’ chùis
ris an àireamh mhòr de luchd-tadhail a bha seo. Tha am Mòd anabarrach cudromach ann an adhartachadh dualchas is cultar na Gàidhlig agus tha mi air leth toilichte gun robh buaidh cho deimhinneach aig tachartas na bliadhna an-uiridh.”
Thuirt Rùnaire an Fhoghlaim, Shirley-Anne Somerville: “Sheall am Mòd Nàiseanta Rìoghail ann am Peairt am faireachdainn làidir a tha aig daoine don dà chuid cànan agus cultar na Gàidhlig. Tha e soilleir mar as urrainn dha togail air a bheil sinn a’ cur fàilte, a thoirt do dh’eaconamaidh nam bailtean mòra agus beaga.
“Tha Riaghaltas na h-Alba dealasach a thaobh dèanamh cinnteach à fàs leantainneach air a’ chànan tro iomairtean nàiseanta agus tachartasan subhachais, mar a chunnaic sinn sa Bhaile Bhòidheach. Tha mi a’ coimhead air adhart mar-thà ri tachartas a bhios gun teagamh soirbheachail ann am Pàislig.”
Thuirt Seòna NicIllinnein, Ceannard, Bòrd na Gàidhlig: “Bha Mòd Pheairt anabarrach soirbheachail – fìor chomharrachadh air cànan is cultar na Gàidhlig. Bha e na thoileachas a bhith a’ faicinn na
h-àireimh a b’ àirde de luchd-frithealaidh a chunnaic sinn on a’ ghalar-sgaoilte. A’ leantainn air àm dùbhlanach do na h-uile, tha na cothroman sin air tighinn còmhla a’ cur a leithid ri sunnd agus tha iad cuideachd fìor chudromach don chànan.
“Is math a rinn iadsan uile a ghabh pàirt sna farpaisean agus cuideachd a thàinig a chomharrachadh na Gàidhlig. Mealadh naidheachd air A’ Chomunn Ghàidhealach airson Mòd air leth eile agus air na daoine uile – sean is òg – a tha a’ dèanamh a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail na thachartas mìorbhaileach mar a tha e. Tha e a’ cur nar cuimhne gu bheil a’ Ghàidhlig ann do gach neach agus dè an dòigh as fheàrr air sin a chomharrachadh. Tha Bòrd na Gàidhlig a’ coimhead air adhart mar-thà ri Mòd Phàislig 2023. Chì sinn ann sibh!”
Fhuair am Mòd Nàiseanta Rìoghail ann am Peairt ann an 2022 taic bho EventScotland, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle Pheairt is Cheann Rois, Riaghaltas na h-Alba, Caledonian Mac a’ Bhruthainn agus SQA.
Thèid Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna-sa a chumail ann am Pàislig eadar 13-21 Dàmhair. Tha tuilleadh fiosrachaidh ri fhaotainn aig www.ancomunn.co.uk.