Tha An Comunn Gàidhealach air a bhith ag obair còmhla ri Harris Tweed Hebrides airson clò sònraichte a chruthachadh a bhios a’ comharrachadh 125 bliadhna bhon chaidh An Comunn Gàidhealach a stèidheachadh.Bha an clò air a dhealbh anns a’ mhuilinn ann an Siaboist, an Leòdhas a’ cleachdadh dathan a’ Chomuinn san dealbhadh. Bidh sinn a’ reic bathair a-chaidh a dhèanamh leis a’ chlò agus chithear e ann an cuid de na tallaichean aig a m a’ Mhòid.
Bha companaidhean ionadail, Leòdhasach, By Rosie agus Rarebird a-measg an feadhann a rinn stuthan reic mar sporanan, pocanan airson maise-gnu is, ta idhean
agus flasgaichean-pòcaid.
Thuirt Iain Moireasdan, Àrd-oifigeir a’ Chomuinn Ghàidhealaich:
“Tha sinn air ar dòigh a bhith ag obair còmhla ri Harris Tweed Hebrides airson clò sònraichte a chruthachadh a bhios a’ comharrachadh 125 bliadhna bhon chaidh An Comunn Gàidhealach a stèidheachadh.
“Tha sinn toilichte a bhith a’ tilleadh gu na h-Eileanan an Iar airson Mòd na bliadhna-sa agus chan eil dòigh nas fheàrr airson seo a chomharrachadh na a bhith ag obair còmhla ri companaidh cho cliùiteach ri Harris
Tweed Hebrides.”
Thuirt Margaret Ann NicLeòid, Stiùiriche Leasachaidh Margaidheachd Harris Tweed Hebrides:
“Tha ceangal làidir eadar cultar na Gàidhlig agus an Clò Hearach. Mar sin, tha e gu math na darrach gu bheil an Clò Mòr air a chomharrachadh an lùib tachartas mar Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a tha a’ togail inbhe na Gàidhlig gu h-àiridh nuair a tha am Mòd a’ tilleadh dhan choimhearsnachd againn fhìn.”