​An Comunn Gàidhealach a’ cur fàilte air Ceann-suidhe ùr

Published: 20 Mar 2023

Dh’ainmich An Comunn Gàidhealach an-diugh gu bheil iad a’ cur fàilte air Ceann-suidhe ùr, agus Ailean Caimbeul ag èirigh às a dhreuchd an dèidh sia bliadhna shònraichte mar Cheann-suidhe agus 14 bliadhna an sàs ann an obair a’ Bhùird. Bidh Magaidh Choineagan a’ dol don dreuchd na àite mar Cheann-suidhe ùr, agus a’ gabhail uallach a’ chomainn air a bheil dleastanas airson Gàidhlig a ghleidheadh agus adhartachadh, agus bidh Ailean a’ fuireach air a’ Bhòrd.

Tha Magaidh a’ toirt leatha farsaingeachd de dh’eòlas don dreuchd, an dèidh a bhith a’ frithealadh mar Chathraiche air MG Alba agus na Co-Cheannard Phrògraman is Sheirbheisean aig BBC Scotland. À Sgalpaigh bho thùs ach
a’ còmhnaidh sa Phloc a-nis, tha Magaidh air a bhith a’ frithealadh Mhòdan thairis air grunn bhliadhnaichean agus air a bhith na ball den Chomunn Ghàidhealach bho 2021.

A’ gabhail thairis dreuchd an Iar-Cheann-suidhe bidh am ball Bùird, Iain Eòsaph MacNèill, a tha na cheannard air Ceòlas ann an Uibhist a Deas – aon de phrìomh bhuidhnean cultair, dualchais is ealain Ghàidhlig anns na h-eileanan an Iar.

Thuirt Ailean Caimbeul: “Tha Magaidh glè aithnichte agus na neach dha bheil mòran spèis aig a’ choimhearsnachd Ghàidhlig, agus tha i air mòran eòlais a tharraing bho a dreuchd mar chraoladair agus a h-obair nas fharsainge mar neach-iomairt às leth na Gàidhlig. Tha mi air leth toilichte fàilte a chur air Magaidh mar Cheann-suidhe agus a’ guidhe gach soirbheachadh agus tlachd dhi san dreuchd.

“Bho shealladh pearsanta, tha e air a bhith na fhìor urram dhòmhsa a bhith a’ frithealadh a’ Chomuinn Ghàidhealaich mar Cheann-suidhe agus tha mi misneachail gu bheil mi a’ sìneadh na dreuchd thairis do neach a chuireas mòran a bharrachd ri obair a’ Chomuinn agus a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail. Tha am buidheann ann an suidheachadh làidir airson taic a chur ri leasachadh air ar cànan, ar ceòl agus ar cultar sna bliadhnaichean ri teachd.”

Thuirt Magaidh Choineagan, a’ labhairt às dèidh Coinneamh Bhliadhnail a’ Chomuinn Ghàidhealaich ann am Pàislig: “Bu mhath leam taing a thoirt do dh’Ailean Caimbeul airson a chuid obrach agus a dhìchill ann am frithealadh a’ Chomuinn thar nan ceithir bliadhna deug a chaidh seachad, na sia mu dheireadh mar Cheann-suidhe. Tha e a’ fàgail dìleab làidir às a dhèidh ann an dèanamh cinnteach gu bheil àite fhèin aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail mar phrìomh fhèis na Gàidhlig agus a cheart cho buntainneach an-diugh ’s a tha e air a bhith thar nan 130 bliadhna a dh’fhalbh.

“Bidh dreuchd Ceann-suidhe a’ Chomuinn Ghàidhealaich an dà chuid dùbhlanach agus gu dòchasach coileanta. Tha am bun-structar taic a-nis na àite, agus is urrainn dhuinn cuideachadh le ath-bheothachadh ar cànain, ar ciùil agus ar cultair a ghluasad air adhart thar nam bliadhnaichean ri teachd. Bidh sinn a’ strì ris na h-àrd-amasan a tha mìnichte sa Phlana Ghàidhlig a choileanadh. Tha mi a’ dèanamh fiughair ris an sgioba a stiùireadh a bhios a’
toirt cumadh air a’ Chomunn Ghàidhealach sna bliadhnaichean a tha romhainn.”

Chaidh An Comunn Gàidhealach a stèidheachadh san Òban ann an 1891 le dleastanas airson am Mòd Nàiseanta Rìoghail eagrachadh gach bliadhna, prìomh fhèis na Gàidhlig ann an Alba, a tha a’ toirt chothroman do dhaoine de gach aois gnìomhadh tarsainn raon de chuspairean farpaiseach, a’ gabhail a-steach ceòl is òrain Ghàidhlig, dannsa Gàidhealach, ionnsramaidean, dràma, spòrs agus litreachas.

Bidh Mòd na bliadhna seo a’ gabhail àite ann am Pàislig bho 13-21 Dàmhair 2023. Airson tuilleadh fiosrachaidh, tadhailibh air ancomunn.co.uk.

Back to ACG News List


Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

The Highland Council

The Highland Council