Tha Loch Abar air a thaghadh mar sgìre aoigheachd Mòd Nàiseanta Rìoghail 2025, a’ toirt a’ chomhararchaidh bhliadhnail seo air cànan is cultar na Gàidhlig don Ghearasdan airson an naoidheamh turas. Tha an naidheachd seo a’ tighinn agus planaichean airson tachartas 2023 a’ siòr dhol air adhart, le dìreach làithean air fhàgail gus an dùin an cothrom air clàradh do na farpaisean.
Air a dhearbhadh a bhith a’ ruith eadar 10 - 18 Dàmhair 2025, bidh prìomh fhèis na Gàidhealtachd a’ gabhail na sgìre àlainn seo thairis le farpaisean is gnìomhaidhean cliùmhor agus gnìomhachdan cultarach.
Thug Loch Abar aoigheachd don tachartas ann an 2017, nuair a thàinig còrr air 10,000 neach a-steach don sgìre a ghabhail pàirt ann am farpaisean agus com-pàirteachadh anns an t-saidhbhreas de thachartasan a bha air an tabhann, a bhrosnaich còrr air £2.6 millean don eaconamaidh ionadail. A’ coimhead air adhart ri tachartas 2025, tha luchd-eagrachaidh misneachail gum faic an fhèis buaidh tharbhach a cheart cho mòr, no nas motha, don choimhearsnachd seo ann an Taobh Siar na Gàidhealtachd.
Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ tarraing choimhearsnachdan Gàidhlig bho air feadh na Rìoghachd Aonaichte, Èirinn, Astràilia, Canada agus na Stàitean Aonaichte le dìleab a sheasas fada seachad air a’ phrògram ochd làithean de fharpaisean is thachartasan.
Tha an fhèis bhliadhnail seo a’ goireasachadh an àrd-ùrlair as motha airson cànan, ealain, spòrs agus cultar na Gàidhlig adhartachadh agus a chomharrachadh, agus leis an àireamh àibheiseach de luchd-tadhail, tha i cuideachad a’ cur spionnadh cudromach san eaconamaidh ionadail aig gach àite aoigheachd gach bliadhna.
Tha Loch Abar aithnichte gu mòr airson a cheanglaichean ri cànan is cultar na Gàidhlig, le àireamh fìor mhòr de phrìomh luchd-ciùil na h-Alba a’ tighinn às an sgìre, a’ gabhail a-steach buannaichean a’ Bhuinn Òir mar Robert Robertson, Rachel Walker, Calum MacColla agus Margaret MacLellan-Ford.
Tha an naidheachd seo a’ tighinn air adhart air siostam innteartan air-loidhne Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo a thighinn gu crìch air Diciadain 31 Cèitean 2023. Tha ùine aig farpaisich a tha airson com-pàirteachadh ann an tachartas 2023 gu meadhan-oidhche air an latha mu dheireadh den mhìos seo airson an innteartan a chur a-steach.
Gheibhear làn liosta de fharpaisean a tha a’ tachairt, a’ gabhail a-steach seinn, bàrdachd, ionnsramaidean, dràma agus dannsa Gàidhealach, ann an clàran-obrach a’ Mhòid aig ancomunn.co.uk/nationalmod/syllabus agus faodar innteartan a chur a-steach aig https://enter.ancomunn.co.uk.
Tha an eileamaid air-loidhne air a mheas gu mòr mar dhòigh dhaibhsan a tha airson pàirt a ghabhail air astar agus a’ ceadachadh do fharpaisich an gnìomhaidhean a chur a-steach, a chlàradh agus a luchdachadh suas tron t-siostam dhidseatach. Thèid na farpaisean agus na gnìomhaidhean air-loidhne a thaisbeanadh tro shianalan mheadhanan sòisealta a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail mar phàirt den tachartas san Dàmhair.
Thuirt Seumas Greumach, Àrd-Oifigear a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail: “Tha sinn air leth toilichte ainmeachadh gum bi am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ tilleadh a Loch Abar ann an 2025. Chaidh am Mòd mu dheireadh an sin a chumail ann an 2017 agus bha e anabarrach soirbheachail le còrr air 3600 farpaiseach a’ gabhail pàirt. Tha meur Loch Abair den Chomunn Ghàidhealach nam buidheann gnìomhach agus eòlach, a bhios a’ lìbhrigeadh Mòd Ionadail Loch Abar gach bliadhna gu cunbhalach agus aig àrd-ìre. Tha dualchas làidir Gàidhlig ann an Loch Abar agus chan eil teagamh sam bith agam nach bi Mod 2025 a cheart cho soirbheachail leis na mìltean de Ghàidheil a’ cruinneachadh airson nan cuirmean agus nam farpaisean ann an sgìre àlainn Loch Abair. Bidh an t-aon siostam inntrigidh air-loidhne do Mhòd na bliadhna seo a’ dùnadh aig deireadh na mìosa seo agus mar sin mholamaid do gach neach an innteartan a chur a-steach cho luath ’s a ghabhas.”
Thuirt an Comhairliche Calum Rothach, Cathraiche Comataidh Ghàidhlig Comhairle na Gàidhealtachd: “Tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ cur taic ris an àite fhìor chudromach a tha aig a’ Mhòd ann an adhartachadh cleachdadh na Gàidhlig agus an ìomhaigh dhearbhach a tha an cruinneachadh ainmeil seo den choimhearsnachd Ghàidhlig a’ cruthachadh don chànan. Tha am Mòd a’ solarachadh cothrom cudromach do luchd-labhairt de gach comas air Gàidhlig a chleachdadh gu neo-fhoirmeil rè an tachartais agus a’ cur gu mòr ri luach sòisealta, eaconamach agus cultarach na coimhearsnachd aoigheachd. Tha Comhairle na Gàidhealtachd fìor thoilichte gu bheil am Mòd a’ tilleadh a Loch Abar far a bheil a’ choimhearsnachd aithnichte airson a dualchais Ghàidhlig is chultaraich, gu h-àraid a thaobh ceòl traidiseanta.”
Bidh Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo a’ gabhail àite ann am Pàislig bho 13-21 Dàmhair 2023. Is e seo an dàrna turas a tha am baile air aoigheachd a thoirt don chomharradh chliùiteach seo air cànan is cultar na Gàidhlig, an dèidh don tachartas a bhith an seo roimhe ann an 2013. Bidh am Mòd an uair sin a’ dol don Òban ann an 2024, agus an uair sin do Loch Abar sa bhliadhna às dèidh sin.
Airson tuilleadh fiosrachaidh, Tadhailibh air www.ancomunn.co.uk
———————————————————————————————