Tha Mòdan Ionadail Alba gu bhith a’ tighinn còmhla airson a’ chiad uair mar phàirt de Sheachdain na Gàidhlig (World Gaelic Week) 2024, a’ comharrachadh clach-mhìle shònraichte ann an gleidheadh agus dearbhadh air cultar na Gàidhlig, a thuilleadh air Mòd às ùr fhoillseachadh ann an Inbhir Pheofharain.
Mar a’ chiad chruinneachadh de a leithid air eagrachadh leis a’ Chomunn, bidh a’ cho-labhairt fon tiotal Mòdan Ionadail An-diugh agus San Àm ri Teachd, a’ gabhail àite air 24 Gearran ann an Taigh-cluiche Eden Court ann an Inbhir Nis. Tha an tachartas co-obrachail seo a’ seasamh mar fhianais do chudromachd ghnìomhachdan cultarach Gàidhlig agus com-pàirt coimhearsnachd, a tha a’ sìor fhàs air feadh na dùthcha.
Tha Mòdan Ionadail a’ coileanadh àite deatamach ann an cultar na h-Alba mar mhòr-ionadan beòthail far a bheil cultar na Gàidhlig a’ soirbheachadh. Tha na tachartasan ionadail sin a’ solarachadh àrd-ùrlar do fharpaisich òga agus inbhich gu an tàlantan ann an diofar chuspairean a thaisbeanadh, leithid òran, bàrdachd, dannsa agus ceòl, glè thric a’ frithealadh mar chlach-cheum chun a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail a bhios a’ gabhail àite ann am baile diofraichte ann an Alba san Dàmhair gach bliadhna.
Tha Seachdain na Gàidhlig a’ solarachadh suidheachadh freagarrach do riochdairean bho gach Mòd Ionadail airson a thighinn còmhla ann an co-obrachadh, aig àm nuair a tha cuimse chruinneil air comharrachadh agus air adhartachadh a’ chànain.
A thuilleadh air deasbadan timcheall gach aon de shoirbheachasan agus dùbhlain nan 18 Mòdan Ionadail ann an Alba, agus mar a dh’fhaodas gach aon a bhith air a riaghladh gu ìre nàiseanta san àm ri teachd, agus clas seinn inbheach, chì an cruinneachadh cuideachd foillseachadh air Mòd Iondail Inbhir Pheofharain. Mar phàirt den tachartas, bidh e comasach do sgoilearan à Inbhir Pheofharain, Baile Dhubhthaich, Geàrrloch agus inbhir Nis, a thuilleadh air nas fhaide air falbh, com-pàirteachadh sna farpaisean agus ionnsachadh còmhla tro cheòl agus òrain Ghàidhlig.
Ri bhith a’ gabhail àite air 7 Sultain 2024, bidh am Mòd ionadail ùr nodha seo a’ nochdadh com-pàirteachas eadar An Comunn agus Fèis Rois, a’ tabhann ghnìomhachdan ciùil neo-fharpaiseach còmhla ri farpaisean traidiseanta. Tha an co-obrachadh às ùr seo a’ dearbhadh dealas bhuidhnean Gàidhlig a bhith ag obair còmhla ann an adhartachadh dualchas agus cultar saidhbhir na h-Alba ann an dòighean a tha spòrsail agus ruigsinneach do na h-uile.
Bidh duaisean airson an t-subhachais san t-Sultain a’ gabhail a-steach seisean clàraidh ann an Stiuidio Rosecroft do fharpais Seinn Aon-neach Àrd-sgoiltean, air a thoirt gu fialaidh le Comhairle na Gàidhealtachd agus air a riochdachadh le Ball den Chomtaiadh Ghàidhlig agus neach-còmhnaidh ann an Inbhir Pheofharain, Mairead NicPhàdraig. Tha Fèis Rois cuideachd a’ dèanamh tabhartas de dh’àiteachan do sgoilearan aig Fèis Deireadh-seachdain na Càisge, a’ tabhann tuilleadh chothroman airson com-pàirt ann an cultar na Gàidhlig.
Thuirt Seumas Greumach, Àrd-Oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Chan e a-mhàin clachan-ceuma do fharpaisich le dòchas a th’ ann am Modan Ionadail Alba, ach tha iad cuideachd nan adhartaichean deatamach air cultar is dualchas na Gàidhlig taobh a-staigh ar coimhearsnachdan. Tha sinn air leth toilichte na buidhnean cudromach ionadail sin a thoirt còmhla san aon àite agus tha sinn an dòchas gun àraich an tachartas ùr seo faireachdainn de dh’aonachd agus de chàirdeas am measg dealasaich na Gàidhlig, agus a’ meudachadh nan àireamhan don Mhòd Nàiseanta Rìoghail san Òban. Tha an oidhirp cho-obrachail seo a’ nochdadh an dealais cho-roinnte a thaobh traidisean na Gàidhlig a ghleidheadh agus a bheathachadh air feadh Alba. Ann an seasamh còmhla, faodaidh sinn dèanamh cinnteach à soirbheachadh leantainneach ar dualchais shaidhbhir Ghàidhlig airson ginealaichean ri teachd. Bu mhath leam mealadh naidheachd a chur air an sgioba ann an Inbhir Pheofharain às leth foillseachadh an tachartais ùir aca. Tha e na thogail a bhith a’ faicinn Mhòdan Ionadail a’ soirbheachadh mar seo, agus chan eil teagamh sam bith agam nach fhaigh luchd-labhairt, luchd-ionnsachaidh agus luchd-ciùil buannachd mhòr às a ghnìomhachdan.”
Thuirt Steven MacÌomhair, Cathraiche Meur Inbhir Pheofharain (Dingwall Local Branch of An Comunn Gàidhealach): “Tha a’ chomataidh ionadail agus mi fhìn air leth toilichte Mòd Ionadail Inbhir Pheofharain a chur air a chasan a-rithist, an dèidh beàrn de mu 20 bliadhna. Is e ar prìomh adhbhar àrd-ùrlar eile a thabhann do chloinn, an dà chuid ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus foghlam luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, gus an cuid Gàidhlig a chleachdadh agus am fileantachd a leasachadh taobh a-muigh a’ chlasruim. Tha am Mòd a’ toirt cothrom mìorbhaileach air an eachdraidh agus an cultar saidhbhir a chomharrachadh tro fharpais chàirdeil, agus tha sinn airson an cothrom prìseil seo a thoirt do gach neach, ach gu h-àraid don ath ghinealach de luchd-labhairt na Gàidhlig. Tha e brosnachail a bhith a’ faicinn a leithid de thaic bhon choimhearsnachd ionadail ann an ath-stèidheachadh a’ Mhòid ionadail agus tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ri bhith ag obair ann an com-pàirteachas le càch, gus tachartas soirbheachail a chruthachadh a leanas air adhart a’ stiùireadh leasachadh na Gàidhlig.”
Le riochdairean bho gach aon de Mhòdan Ionadail Alba a’ faotainn cuireadh a bhith an làthair, bidh a’ cho-labhairt Mòdan Ionadail An-diugh agus San Àm ri Teachd cuideachad a’ foillseachadh Pasgan Taic Didseatach ùr do Mhòdan Ionadail. Anns a’ ghoireas seo, bidh sampallan de theamplaidean do chomataidhean an cleachdadh nuair a tha iad a’ stèidheachadh no a’ leasachadh am Mòdan, a thuilleadh air fiosrachadh luachmhor mu An Comunn, maoineachadh, àrachas, ionadan-cruinneachaidh, britheamhan agus tuilleadh, a’ goireasachadh eagrachadh agus obrachadh furasta air na tachartasan deatamach cultarach sin.