Is e an còmhlan folk-electronica lùthmhor Niteworks a bheir am Mòd Nàiseanta Rìoghail gu crìoch iongantach is inntinneach am-bliadhna agus iad a’ gnìomhadh air àrd-ùrlar ann an Talla Baile Phàislig air Disathairne 21 Dàmhair.
Tha an gnìomhadh seo mar a’ chiad ann am prògram beòthail de chonsairtean, cuirmean, cèilidhean agus taisbeanaidhean a tha gu bhith air an ainmeachadh às leth tachartas ciùil is cultair na Gàidhlig a bhios a’ gabhail àite air feadh a’ bhaile eadar 13 – 21 Dàmhair 2023.
Ainmeil airson an cuid measgachaidh spreagail de dh’òrain Ghàidhlig, Albais agus Beurla fighte-fuaighte le ceòl toinnte eileagtronaga, bidh Niteworks mar am prìomh chòmhlan aig Consairt Dùnaidh ainmeil a’ Mhòid airson a’ chiad uair, a’ cur crìoch ann an deagh stoidhle air naoi làithean de shubhachasan is chomharraidhean air cànan is cultar na Gàidhlig.
Air a riochdachadh le The Reeling, an fhèis chiùil thraidiseanta as ùire ann an Alba, bidh an consairt seo mar an aon ghnìomhadh den bhliadhna aig Niteworks ann an Alba, agus is e seo a’ chiad uair a tha an còmhlan, a bha ainmichte airson Duais SAY, air cluich air àrd-ùrlar do luchd-èisteachd ann am Pàislig.
Tha an gnìomhadh àrd-ùrlair seo a’ tighinn às dèidh cuairt shoirbheachail a’ chòmhlain ann an Alba ann an 2022, a chunnaic còrr air 6,000 tiogaid air an ceannach airson ionadan-cruinneachaidh a bha a’ gabhail a-steach SWG3 Galvanizers agus Talla Consairt Rìoghail Ghlaschu.
Còmhla riutha air an oidhche sin bidh DLÙ, an còmhlan de cheòl measgaichte tradiseanta à Glaschu agus bidh cuirm-chiùil na h-oidhche a’ leantainn air an t-subhachas an lùib Co-Chruinneachadh nan Còisirean air sràidean Phàislig sa mhadainn.
Is e Mòd 2023 an dàrna turas a tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail air tadhal air a’ bhaile seo ann an Siorrachd Rinn Friù, an dèidh aoigheachd a thoirt do thachartas a bha fìor shoirbheachail o chionn deich bliadhna.
Thuirt Ruairidh Greumach bho Niteworks: “Tha sinn air bhioran a thaobh a bhith a’ toirt Mòd Phàisling gu crìch airson oidhche Shathairne a bhios dìreach air leth. Tha a bhith cruthachail le Gàidhlig agus ga sùghadh le
fuaimean co-aimsireil aig cridhe na tha sinn a’ dèanamh, agus mar sin tha a bhith a’ toirt seo gu tachartas a tha coisrigte do dh’adhartachadh na Gàidhlig ann an Alba, fìor speisealta. Cha robh cothrom againn a-riamh roimhe air cluich ann am Pàislig ’s mar sin tha sinn a’ dèanamh fiughair ri faighinn a-mach air beulaibh luchd-èisteachd airson na h-aon chuirm a bhios againn ann an Alba am-bliadhna.”
Thuirt Seumas Greumach, Àrd-Oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha prògram chuirmean-ciùil is ghnìomhaidhean a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail an-còmhnaidh nan subhachasan nach tèid à dìochuimhn’, còmhla ri taisbeanadh air an tàlant bho shaoghal ciùil Ghàidhlig is thraidiseanta na h-Alba, agus bidh tachartas na bliadhna seo fiù nas beòthaile agus nas eadar-mheasgte na a-riamh roimhe. Le Niteworks deiseil gus ìre do-chreidsinneach de thogail a thoirt gu oidhche dheireannach Mòd Phàislig, tha sinn a’ sùileachadh gum bi mòr-mheas air a’ chonsairt seo. Chan eil an seo ach dìreach blasad de na bhios air fhoillseachadh mun phrògram naoi làithean sna
seachdainean ri teachd.”
Thuirt Lorraine Chamshron, Pròbhaist Siorrachd Rinn Friù: “Tha sinn air leth toilichte a bhith a’ cur fàilte air a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail air ais a Phàislig am-bliadhna, agus tha an naidheachd gum bi Niteworks a’ dùnadh an tachartais a’ taisbeanadh na h-ìre de thàlant ris am faod daoine coimhead air adhart thar chùrsa-ruith na fèise. Bheir an raon iongantach de thachartasan is ghnìomhachdan cothrom do dhaoine a thighinn còmhla agus na tha nas fheàrr de chànan is chultar na Gàidhlig a chomharrachadh, eadar gu bheil iad air a bhith a’ frithealadh a’ Mhòid fad bhliadhnaichean no gur e a’ chiad turas aca.”
Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ faotainn taic bho EventScotland, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle Siorrachd Rinn Friù, Riaghaltas na h-Alba, HIE, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, BBC Alba, The Reeling agus SQA.
Bidh tiocaidean Niteworks, ann an co-bhann le The Reeling aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Talla Bhaile Phàislig air 21mh Dàmhair, rin ceannachd bho 9m air Diardaoin 1mh den t-Ògmhios. Clàraichibh airson a’ chiad chothrom air tiocaidean aig niteworksband.com bho 9m air Diciadain 31mh den Chèitean.