‘S ann duilich a tha sinn an naidheachd a chluinntinn gun do bhàsaich ar caraid Iain MacAoidh an-dè aig 78 bliadhna de dh’ aois. B’ e Iain fear dhe na seinneadairean Gàidhlig a b’ fheàrr agus a b’ ainmeile a bh’ ann, ‘s thug e toileachas nach gann do mhòran dhaoine thairis air nam bliadhnichean leis an t-seinn aige.
Choisinn Iain, às an Rubha ann an Leòdhas, Bonn Òir an t-Seann Nòis aig Mòd Nàiseanta Inbhir Nis ann an 1972 agus, beagan as dèidh sin, choisinn e duais an t-Seann Nòis aig Fèis Phan-Cheilteach Chill Àirne ann an Èirinn.
Tha ar co-fhaireachdainn le Dollag agus an teaghlach agus caraidean Iain aig an àm dhuilich a tha seo. Bidh ionndrainn mhòr air Iain anns gach ceàrnaidh.