Am Mòd Nàiseanta Rìoghail 2022 a’ tarraing taisbeanadh deàlrach de cheòl is de chultar na Gàidhlig a Pheairt
Prògram de ghnìomhaidhean air an iomall gam foillseachadh ro thachartas a’ Mhòid san Dàmhair
Bidh am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ foillseachadh agus a’ comharrachadh na tha as fheàrr de cheòl is de chultar na Gàidhlig nuair a thig am Mòd a Pheairt san Dàmhair am-bliadhna, airson a’ chiad uair ann an 18 bliadhna.
Chaidh prògram beòthail de chuirmean-ciùil, gnìomhaidhean-ciùil, cèilidhean agus taisbeanaidhean fhoillseachadh an-diugh airson iomall a’ Mhòid, a bheir toileachas do luchd-èisteachd air feadh a’ bhaile eadar 14 - 22 Dàmhair 2022.
Tha an tachartas ochd-latha seo mar phrìomh chomharrachadh ciùil is cultair na Gàidhealtachd a bhios a’ gabhail àite ann am baile eadar-dhealaichte ann an Alba gach bliadhna. Tha Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo ann am Peairt a’ comharrachadh 130 bliadhna bhon chiad thachartas a ghabh àite san Òban ann an 1892.
Bidh timcheall air 1000 neach-ciùil agus com-pàirtiche a’ lìonadh còrr air 10 ionadan-cruinneachaidh fad’ is farsaing air feadh Pheairt anns an Dàmhair am-bliadhna, a’ gabhail a-steach Talla Consairt Pheairt, Taigh-cluiche Pheairt agus Àrainn Coimhearsnachd Innis a Tuath. Bidh tachartasan spòrs aig teis-meadhan chùisean cuideachd le iomain agus ball-coise air aoigheachd ann an Ionad Spòrs Bells, agus tachartas gàirdeachail nan còisirean uile còmhla air Àrd-Shràid Pheairt, a’ tarraing na fèise naoi-latha gu crìch.
Leis an àrdachadh a chaidh aithris o chionn ghoirid anns an àireamh de dhaoine ag ionnsachadh fhacail is abairtean ann an Gàidhlig, thathar a’ sùileachadh gun tarraing Mòd Nàiseanta na bliadhna seo na mìltean de fharpaisich agus luchd-tadhail chuirmean-ciùil aig a bheil ùidh sa chànan agus a cultar. Bheir an àireamh chudromach seo de luchd-frithealaidh buaidh glè dheimhinneach air eaconamaidh Pheairt.
Bidh Cuirm-Fosglaidh a’ Mhòid 2022 (Mòd 2022 Opening Concert) a’ cur fàilte air cuid den tàlant Ghàidhlig as fheàrr a th’ ann gu àrd-ùrlar Talla Consairt Pheairt san Dàmhair am-bliadhna. Bidh na seinneadairean Màiri Nic an Aonghais, Art MacCarmaig, Ceitlin Lilidh agus Darren MacIlleathain a’ gnìomhadh ann an cuideachd còmhlan-ciùil ainmeil fo stiùir Gary Innes agus Eòghann MacEunraig bhon chliù aig Mànran.
Bidh feasgar Disathairne a’ taisbeanadh tachartas glè shònraichte air a choisrigeadh don chultar Ghàidhlig agus don cheòl thraidiseanta shoirbheachail a tha Siorrachd Pheairt a’ tabhann. Fon tiotal Ar Cànan ‘s Ar Ceòl (Our Language Our Music), bidh an oidhche shònraichte seo a’ nochdadh raon de dh’ainmean aithnichte a’ gabhail a-steach Mairead Bennett, Ross Ainslie agus Ali Hutton’s Symbiosis, còmhla ri Patsy Reid. Cha bhi a’ chuirm a’ comharrachadh a-mhàin luchd-ciùil is seinneadairean ainmeil a tha air Peairt a chur air a’ mhapa ciùil, ach cuideachd na mòran bhuidhnean coimhearsnachd is foghlaim a tha ag obair gun sguir le dealas agus dìoghras gus dèanamh cinnteach gun lean a’ choimhearsnachd chultarach thraidiseanta oirre a’ soirbheachadh. Am measg nam buidhnean sin, tha Còisir Ghàidhlig Pheairt, Cuirm Ghòrdain Duncan agus Fìdhlearan Òga Thaobh Tatha.
Tha Cogadh nan Còmhlain (Battle of the Bands) na fharpais ùr aig Mòd Pheairt 2022 agus farpais chrìochnachaidh fo aois 13 bliadhna a’ gabhail àite air Diluain 17mh agus farpais chrìochnachaidh fo aois 19 bliadhna air Dimàirt 18mh Dàmhair. Bheir an fharpais òigridh seo cothrom mìorbhaileach do dhaoine òga a bhith a’ gnìomhadh beò air àrd-ùrlar, leis na còmhlain a bhuannaicheas a’ faighinn seisean clàraidh anns an Wee Studio ann an Steòrnabhagh.
Bidh Còmhlan Dannsa Albannach Leonard Brown a’ cluich aig cèilidh traidiseanta ann an Talla Dhannsa Taigh-òsta an Salutation air feasgar Diciadain, Diardaoin agus Dihaoine aig
tachartas na bliadhna seo.
Cuiridh Cuirm Crìochnachaidh a’ Mhòid (The Mòd Grand Finale) fàilte air còmhlan-ciùil ainmeil a’ Chosta an Iar, Trail West, gu Talla Consairt Pheairt gus prìomh thachartas ciùil is cultair na Gàidhealtachd 2022 a thoirt gu crìch.
Bidh Duais Ealain na Gàidhealtachd (The Highland Art Prize) a’ gabhail àite ann an Gailearaidh Ealain Cho-aimsireil Baile Pheairt. Bithear a’ taisbeanadh obair-ealain a chaidh a thaghadh o
chionn ghoirid le comainn is gailearaidhean ealain ionadail a tha a’ comharrachadh ealain is cultar bho air feadh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean. Ann an co-bhonn leis a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail, thèid an obair-ealain a buannaicheas a thaghadh agus duais de £1000 a bhuileachadh air (air a roinn eadar an neach-ealain agus an gailearaidh do am buin iad) còmhla ri cothrom air an cuid obrach a thaisbeanadh ann an gailearaidh àrd-ìomhaigheil ann an Glaschu ann an 2023.
Bidh làn sreath de fharpaisean pearsanta a’ gabhail àite còmhla ri prògram beòthail air an iomall, cuid de fharpaisean air-loidhne agus taghadh de roinnean ùra brosnachail. Tha ùine aig farpaisich a tha an dùil com-pàirteachadh gu 10f air Dihaoine 15 Iuchar airson an innteartan a chur a-steach.
Tha na roinnean de fharpaisean a’ gabhail a-steach seinn, bàrdachd, ionnsramaidean, dràma agus dannsa Gàidhealach, agus am measg nan eileamaidean ùra tha farpaisean chòisirean le ceòl-taic ag amas air buidhnean seinn ann an co-sheirm de eadar còig agus deich seinneadairean còmhla ri farpais ùr seinn aon-neach, Farpais CalMac, a tha fosgailte do luchd-ionnsachaidh inbheach.
Taobh a-muigh a’ chlàir-obrach, bidh farpais ùr TikTok agus Sruth, tachartas ag amas air barrachd còmhraidh nàdarrach a mhisneachadh am measg dhaoine òga, na phàirt den phrògram am-bliadhna.
Thuirt Seumas Greumach, Àrd-Oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Bidh tilleadh a Pheairt airson Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo, na àm mìorbhaileach dhuinne. Bidh e cho sònraichte na tha as fheàrr de chultar na Gàidhlig a tha ri thabhann, a chluinntinn agus fhaicinn aig tachartas na bliadhna seo agus fàilte a chur air daoine à Peairt, an còrr de dh’Alba agus gu dearbh an còrr den t-saoghal chun a’ bhaile gus tlachd a ghabahil à ceòl is cultar na Gàidhlig tarsainn ionadan-cruinneachaidh air leth agus sònraichte Pheairt.”
Thuirt Xander McDade, Pròbhaist Pheairt is Cheann Rois: “Tha e anabarrach brosnachail a bhith a’ faicinn a’ Mhòid a’ tilleadh a Pheairt agus bheir e fìor thoileachas don bhaile san Dàmhair. Bidh seo na mhòr-thaisbeanadh iongantach do Pheairt agus na chomharrachadh mìorbhaileach air ar dualchas Gàidhlig agus cànan is cultar na Gàidhlig.”
Thuirt an Comhairliche Grant Laing, stiùiriche Comhairle Pheairt is Cheann Rois: “Bidh am Mòd agus prògram an Iomaill a’ dèanamh Peairt mar an t-àite a bu chòir a bhith ann an Alba san Dàmhair am-bliadhna. Tha mi air leth toilichte a leithid de thachartasan fhaicinn a’ gabhail àite air feadh a’ bhaile. Tha mi cinnteach gur e fèis nach tèid à dìochuimhn’ a bhios innte agus gun toir i cuideachadh mòr do eaconamaidh a’ bhaile.”
Thuirt Pòl Bush OBE, Stiùiriche Thachartasan VisitScotland: “Tha EventScotland toilichte a bhith a’ cur taic ris a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail agus e a’ tilleadh a Pheairt airson a’ chiad uair ann an 18 bliadhna. Is e Alba aon de na h-àiteachan as fheàrr air an t-saoghal airson com-pàirteachadh ann an tachartasan, agus solaraichidh Peairt àrd-ùrlar foirfe airson an tachartais Albannaich gun choimeas seo, a’ comharrachadh cultar na Gàidhlig tro cheòl, dannsa agus mòran a bharrachd.”
Thuirt Seòna NicIllinnein, Ceannard, Bòrd na Gàidhlig: “Tha sinn air ar dòigh a bhith a’ faicinn a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail a’ tilleadh a Pheairt. Tha am Mòd an-còmhnaidh na chomharrachadh mòr de chànan is de chultar na Gàidhlig, a’ solarachadh chothroman air an cànan a chleachdadh ann an raon farsaing de thabhartasan. Tha e cuideachd a’ cur ri faireachdainn de shunnd, gu h-àraid tro bhith a’ tarraing charaidean sean is ùr an dèidh bliadhnaichean a bha glè dhùbhlanach. Tha sinn a’ cur fàilte air comharrachadh sam bith air Gàidhlig agus a cultar agus tha mi cinnteach gum bi Peairt na àite air leth a-rithist am-bliadhna.”
Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ faotainn taic bho Bhòrd na Gàidhlig, Comhairle Pheairt is Cheann Rois, EventScotland, Riaghaltas na h-Alba, Caledonian MacBrayne agus SQA.
Bidh am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ ruith bho 14 - 22 Dàmhair 2022. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh aig www.ancomunn.co.uk. Bidh tiogaidean rim faotainn airson an ceannach ann an
oifis thiogaidean Ealain Horsecross bho mheadhan gu deireadh an Lùnastail air www.horsecross.co.uk.
Feumaidh innteartan airson farpaisean a’ Mhòid a bhith air an cur a-steach ro Dhihaoine 15mh Iuchar aig enter.ancomunn.co.uk.