​Tharraing am Mòd Nàiseanta Rìoghail 2021 taic de £1.2m gu Inbhir Nis agus a’ Ghàidhealtachd

Published: 13 Feb 2022

Bha buannachdan anabharrach sòisealta, cultarach agus eaconamach an lùib an tachartais chliùitich seo, a’ comharrachadh cànan is cultar na Gàidhlig

Thog am Mòd Nàiseanta Rìoghail 2021, a ghabh àite ann an Taigh-cluiche Eden Court bho 8 gu 16 Dàmhair 2021, £1.2m do dh’eaconamaidh sgìre Inbhir Nis agus na Gàidhealtachd, a thuilleadh air togail mòr sòisealta agus cultarach.

Anns an tachartas a tha 129 bliadhna a dh’aois agus a tha a’ comharrachadh cànan is cultar na Gàidhlig, bha measgachadh iongantach de fharpaisean, gnìomhaidhean agus ghnìomhachdan cultarach le 2,840 neach a’ frithealadh gu pearsanta, a’ toirt togail eaconamach a chuidich le taic a chur ri 14 obraichean FTE.

Thog an fhèis nàiseanta a tha eagraichte leis a’ Chomunn Ghàidhealach, roinn turasachd is aoigheachd Inbhir Nis aig àm a bha nas sàmhaiche ann an 2021, an dèidh bliadhna dhuilich don ghnìomhachas mar thoradh air COVID. Nochd suirbhidh air na com-pàirtichean gun robh iad glè choltach tadhal ann an Inbhir Nis a-rithist san àm ri teachd.

Chleachd an fhèis modh-obrach tar-mheasgaichte ann an 2021, le tachartasan a’ gabhail àite an dà chuid gu pearsanta agus air-loidhne. Dhearbh am prògram air-loidhne a bhith anabarrach

soirbheachail, oir chuir na com-pàirtichean uile fàilte air an dòigh-obrach agus sheall e gun robh e na chuideachadh do dhaoine gu smachd fhaighinn air cùisean slàinte inntinn a tharraing an glasadh-sluaigh.

Chuir prìomh fhèis Ghàidhlig na h-Alba taic làidir ri leasachadh cànan is cultar na Gàidhlig agus thug i buaidh air an iomallachadh a chaidh adhbhrachadh le cuibhreachaidhean COVID. A thuilleadh air a bhith comasach air eadar-chonaltradh le fileantaich, luchd-ionnschaidh is luchd-taic na Gàidhlig, bha an luchd-frithealaidh comasach air ath-cheangal a dhèanamh le caraidean agus teaghlach, a’ tarraing togail misneachd fìor mhòr thucasan a bha iomallaichte aig àm a’ ghlasaidh-sluaigh.

Thuirt Ailean Caimbeul, Ceann-suidhe a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha sinn air leth toilichte gu bheil Mòd Nàiseanta Rìoghail 2021 air togail làidir a thoirt do dh’eaconamaidh Inbhir Nis agus an sgìre mun cuairt ann am bliadhna a bha doirbh do thurasachd sa bhaile. Tha e gu h-àraid na adhbhar gàirdeachais oir cha robh sinn cinnteach gu an Lùnastal am b’ urrainn don Mhòd àite a ghabhail ann an suidheachadh aghaidh-ri-aghaidh.

“Tha sinn dìreach air ar dòigh gu bheil am Mòd air pàirt dheatamach a choileanadh ann an cuideachadh le na taobhan àicheil de dh’iomallachadh sòisealta a chothromachadh còmhla ri cuid de na dùbhlain inntinneil a dh’adhbhraich an glasadh-sluaigh.

“Tha sinn air fhaicinn uair eile gu bheil com-pàirtichean a’ cur mòr-luach air an eileamaid air-loidhne agus tha e a-nis gu bhith na phàirt mhaireannaich den phrògram iomlan, a’ togail air an fhiosrachadh a fhuair sinn ann an 2020 agus 2021.

“Tha An Comunn a’ cur mealadh naidheachd air com-pàirtichean is luchd-eagrachaidh uile airson Mòd Nàiseanta Rìoghail 2021 a dhèanamh cho fìor shoirbheachail. Tha sinn làn dòchais gun urrainn don Mhòd ann am Peairt ann an 2022 a dhol air adhart ann an iomlanachd.”

Thuirt Paul Bush OBE, Stiùiriche Thachartasan VisitScotland: “Bha sinn air leth toilichte taic a chur ris a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail tro Mhaoin Ath-leasachaidh Thachartasan Alba, a

chaidh a stèidheachadh le EventScotland ann an co-bhonn le maoineachadh bho Riaghaltas na h-Alba. Tha am Mòd a’ taisbeanadh an àite chudromaich a tha aig tachartasan nar coimhearsnachdan. Tha e air buaidh eaconamach bhrìgheil a thoirt air Inbhir Nis agus air an sgìre mun cuairt a thuilleadh air a bhith a’ toirt cothrom do dhaoine air eòlasan cuimhneachail a thogail agus a cho-roinn tro a phrògram de thachartasan air-loidhne agus gu pearsanta. Tha a leithid sin de thachartasan Albannach gun choimeas nar mìosachan, a’ toirt neartachadh a bharrachd do dh’amas agus suidheachadh na dùthcha mar cheann-uidhe thachartasan aig ìre chruinneil agus ag ath-dhaingneachadh dùthaich na h-Alba mar àrd-ùrlar foirfe airson thachartasan.”

Thuirt an Comhairliche Calum Rothach, Cathraiche Comataidh Ghàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd: Tha fàilte mhòr ga chur air an neartachadh a thug am Mòd do dh’eaconamaidh Inbhir Nis agus na Gàidhealtachd, gu h-àraid aig na h-amannan doirbh COVID a tha seo. Tha an soirbheachadh cultarach is sòisealta an lùib an tachartais a chur air adhart gu farsaingeachd de luchd-èisteachd air-loidhne, ag àrdachadh misneachd a dh’ionnsaigh leasachadh na Gàidhlig san àm ri teachd.”

Thuirt Shona NicIllinnein, Ceannard, Bòrd na Gàidhlig: “Bha sinn air leth toilichte gun do ghabh Mòd Nàiseanta Rìoghail 2021 àite an dà chuid gu pearsanta agus air-loidhne. Tha buaidh a’

Mhòid thar luaich ann am meudachadh cleachdadh is adhartachadh air Gàidhlig, agus tha a bhuaidh eaconamach gu cunbhalach a’

taisbeanadh cho cudromach ’s a tha a’ Ghàidhlig do dh’eaconamaidh na h-Alba.”

Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ faotainn taic bho EventScotland, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle na Gàidhealtach, Riaghaltas na h-Alba, HIE, Caledonian Mac a’ Bhruthainn agus SQA.

Chaidh am Mòd Nàiseanta Rìoghail air adhart ann an Inbhir Nis bho 8 - 16 Dàmhair 2021. Bidh Mòd na bliadhna seo a’ gabhail àite ann am Peairt bho 14 - 22 Dàmhair 2022.

Airson tuilleadh fiosrachaidh, tadhailibh air https://www.ancomunn.co.uk/.

Back to ACG News List


Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

The Highland Council

The Highland Council