Published: 08 Jul 2024
Tha dualchas farsaing na Gàidhlig gu bhith air a chomharrachadh ann an Obar Dheathain san t-Sultain. Bidh an tachartas ath-bheothaichte latha a dh’fhaid aig cridhe Obar Dheathain, a toirt cothrom do mhuinntir na sgìre agus luchd tadhail cruinn còmhla gus cultar agus ceòl na Gàidhlig a chomharrachadh.
Mar chlach-mhìle cudromach ann a bhith a’ glèidheadh agus a’ brosnachadh na Gàidhlig san ear thuath, tha am Mòd Ionadail na àrd-ùrlar do dh’òigridh agus inbhich an cuid tàlantan a thaisbeanadh tro òrain, bàrdachd agus ceòl.
Tha Mòdan Ionadail tric air an cleachdadh air a’ rathad chun Mhòd Nàiseanta Rìoghail a thachras ann am baile Albannach diofraichte san Dàmhair gach bliadhna. Cuiridh an Òban fàilte air ais air an fhèis cliùiteach ann an 2024. Tha an t-Òban aithnichte mar dhachaigh a’ Mhòid agus seo an 17mh uair a bhios am Mòd Nàiseanta sa bhaile.
O chionn fhada tha Mòdan Ionadail air a bhith aig teis meadhain cultar na Gàidhlig, a’ leasachadh tàlantan agus ceanglan ann an coimhearsnachdan air feadh Alba. ’S e Mòd Ionadail Obar Dheathain am Mòd Ionadail às ùire agus tha An Comunn Gàidhealach agus companaidhean ionadail a’ fosgladh cultar na Gàidhlig dhan h-uile duine. Bidh tachartasan ciùil neo-fharpaiseach ann a’ cheart cho math ri farpaisean traidiseanta, a’ ciallachadh gum bi rudan ann an dà chuid dha farpaisich agus luchd-amharc.
Thuirt Seumas Greumach, Àrd-oifigear A’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha Mòd ùr Obar Dheathain na dheagh chlach-mhìle nar cuid obrach agus sinn a’ leasachadh coimhearsnachd na Gàidhlig air feadh na h-Alba tro lìonra na Mòdan Ionadail. Tha e na chomharra air neart na coimhearsnachd agus an cuid saothrach gun deach Mòd Ionadail Obar Dheathain ath stèidheachadh. Bidh seo na chuideachadh ann a bhith a’ dìon dualchas prìseil na Gàidhlig airson na ginealaichean a tha ri tighinn.”
Thuirt Rùnaire Mòd Ionadail Obar Dheathain, Finlay Morse: “’S e tlachd a th’ ann dhuinn a bhith a’ toirt Mòd Ionadail air ath-bheòthachadh air ais dhan bhaile againn. Tha e na cothrom a bhith a’ comharrachadh cultar na Gàidhlig agus cuideachd cruinneachadh gus sgeulachdan innse o eachdraidh Gàidhlig Obar Dheathain. Air ar slighe a dh’ionnsaigh Mòd Obar Dheathain, tha sinn a’ toirt cuireadh dhan h-uile duine aig a bheil ùidh ann an cultar na Gàidhlig a bhith an sàs san deagh thachartas seo.”
Airson tuilleadh fiosrachaidh air Mòd Ionadail Obar Dheathain, tadhlaibh air an duilleag Facebook aca an seo.