Published: 08 Sep 2021
Gu mì-fhortanach bha againn air am Mòd aig an deireadh sheachdain a chur dheth. Tha grunnan dhaoine anns an sgoil an seo le Covid, agus tha mòran sgoilearan agus tidsearan far na sgoile. Mar sin, bhiodh nas lugha de dh’fharpaisich againn Dihaoine.
Ach tha e nas cudthromaiche buileach gun cùm sinn farpaisich, britheamhan agus luchd-cuideachaidh sàbhailte, còmhla ris an luchd-èisdeachd.
Tha fhios agam gur e briseadh dùil a tha seo dhuibhse cuideachd, ach tha sinn uile a’deanamh fiughair ri ur faicinn an ath bhliadhna.