Published: 24 Feb 2025
lTachraidh a’ Chiad Mòd Ionadail ann an Lannraig a Tuath am bliadhna: na chothrom do dhaoine òga agus teaghlaichean thoirt cruinn còmhla gus cànan, cultar agus ceòl na Gàidhlig a chomharrachadh.
Tha Mòdan Ionadail a’ leasachadh cultar, eachdraidh agus dualchas na Gàidhlig aig ìrean ionadail is nàiseanta. Gheibh iad taic A’ Chomuinn Ghàidhealaich, a tha air a bhith leasachadh na Gàidhlig o na chaidh a stèidheachadh san Òban ann an 1891.
Tha an naidheachd seo a’ dol an lùib toiseach Seachdain na Gàidhlig, a tha air a cur air bhog an-diugh (Diluain 24 Gearran).
Ged a bha Mòd Nàiseanta ann an Lannraig a Tuath san t-Àrd-Ruigh o chionn 32 bhliadhna ann an 1993, seo a’ chiad uair a bhios Mòd Ionadail sa sgìre.
Tachraidh e Disathairne 20 Sultain 2025 ann an Àrd-sgoil Greenfaulds, Comar nan Allt, agus Lannraig a Tuath a-nis am measg 21 Mòd Ionadail ann an Alba.
Le taic Bòrd na Gàidhlig, bidh sreath farpaisean ann do dhaoine òga, a’ neartachadh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (FMTG) a th’ air a bhith ann an Lannraig a Tuath o 1997.
Mairidh an tachartas latha agus dùil gun cruinnich e farpaisich agus luchd-taic cànan, cultar agus ceòl Gàidhlig o sgìre Lannraig a Tuath agus nas fhaide air falbh, mar àrd-ùrlar sgilean a thaisbeanadh agus ceangalan a bhrosnachadh.
Thuirt Magaidh Choineagan, Ceann-suidhe A’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha sinn air ar dòigh gum bi Mòd Ionadail ann an Lannraig a Tuath am bliadhna. Tha fhios againn gum bi Mòdan ionadail a togail ìomhaigh na Gàidhlig ann an coimhearsnachdan agus gun cuir seo ri fàs na Gàidhlig san dùthcha. Gura math a thèid leibh.”
Thuirt an Leas-Phrìomh Mhinistear Ceit Fhoirbeis: “Tha Mòdan Ionadail nam buannachd do ghnìomhachasan, a’ neartachadh na Gàidhlig is a’ toirt choimhearsnachdan còmhla ri chèile. Bidh am fiosrachadh as ùire seo na dheagh naidheachd do luchd-labhairt is luchd-taice na Gàidhlig ann an Siorrachd Lannraig a Tuath.
“Chaidh na buannachdan a tha an lùib nam Mòdan a chuir am follais aig Mòd Nàiseanta an Òbain an-uiridh, a thathar a’ tomhas a chruthaich £3.6 millean airson eaconamaidh na h-Alba is aig an do nochd an àireamh as motha de dhaoine aig Mòd sam bith airson còig bliadhna.
“Gus a’ Ghàidhlig fhàs tha sinn air £5.7 millean a bharrachd a thoirt do dh’iomairtean às leth a’ chànain anns an dreachd Bhuidseit airson 2025-26. Tha sinn cuideachd a’ toirt air adhart Bile nan Cànan Albannach gus foghlam Gàidhlig a neartachadh air feadh Alba.”
Thuirt Comhairliche Jim Logue, Ceannard Chomhairle Lannraig a Tuath agus e a’ cur fàilte air an naidheachd: “Tha stèidheachadh Mòd Ionadail ann an Lannraig a Tuath na dheagh chothrom cànan is cultar na Gàidhlig a chomharrachadh.
“Brosnaichidh e cuideachd daoine òga is teaghlaichean is cothrom aca an cuid tàlantan a chleachdadh a bharrachd air foghlam is dualchas na Gàidhlig a’ leasachadh.”
Thèid Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chumail ann an àite eadar-dhealaichte air feadh na h-Alba gach bliadhna. Bidh Mòd Nàiseanta Loch Abar 10 - 18 Dàmhair 2025.