Published: 03 Mar 2025
Disathairne a chaidh bha Co-labhairt nam Mòdan Ionadail 2025 air leth soirbheachail ann an Cùirt Eden ann an Inbhir Nis. Bha riochdairean 13 Mòdan Ionadail an sàs agus bha taisbeanaidhean / bùthan obrach ann air an toirt seachad le BIT Collective, Tobar an Dualchais, FilmG agus luchd-obrach A’ Chomuinn. Mar sin bha cothrom aca ionnsachadh mu thaic a chuidicheas iad aig na Mòdan agus a’ bruidhinn ri feadhainn eile air na rudan a tha ag obrachadh dhaibh. Chuir còisirean crìoch air an fheasgar le sàr sheinn. Chaidh an latha fhosgladh le Iarr Phrìomh Mhinisteir Ceit Fhoirbeis agus sinn air leth taingeil do Riaghaltas na h-Alba airson a chuid taic.