An Sgoil Dhubh le Iain F. MacLeòid (2014) 190 pages.
Tha an Rìgh marbh, na Draiudhean a-nis a' riaghladh agus tha duine sam bith a bruidhneas nan aghaidh a' dol à sealladh gun sgeul orra tuilleadh. Tha eagal is mì-chinnt air an t-sluagh agus ainm ri chluinntinn nach cualas far iomadach ginealach: An Sgoil Dhubh.
Air eailean beag iomallach tha duine òg, Sgàire, a' tachairt air dithis strainnsear air a' mhòintich; toiseach turais a tha ag atharrachadh a bheatha gu tur agus ga thoirt tro chunnart is tro chogadh air an t-slighe a bha an dàn linntean mus do rugadh e.
Tha Iain F. MacLeòid gar stiùireadh le sgil an fhìor-sgeulaiche feadh iomadh tìr is saoghal a tha ùr agus iongantach ach fhathast freumhaichte ann an draoidheachd is gaisgeachd nan seann uirsgeul.
_____________________________________________________
Aiteal: Sreath de sgrìobhaidean sgoinneil bho sgrìobhaidearan sgaiteach. Sreath ùr bho Acaor, le taic bho Chomhairle nan Leabhraichean.