Cala Bendita 'S A Bheannachdan le Màrtainn Mac an t-Saoir
Teaghlaichean - Gàidhealach, Sasannach, Spàinnteach, Basgach - is ceangal aca ri ceàrn ann am Mallorca tro làithean-saor. Chì sinn ann an eachdraidh a' dol air ais 's air adhart thar nam bliadhnaichean - iad nas òige an aon chaibideil, 's dòcha, na bha iad nuair a chunnaic sinn iad mar-thà. Sinn a' snìomh a-mach 's a-staigh à beatha Shimon is Jenny is na choinnicheas riutha, leithid muinntir Izar - is dè dh'fhàg ise mar a tha i? Is dè mun luchd-frithealaidh, mar a tha Lucia is Pepe? Tha am beatha fhèin acasan, is an cànanan fhèin, dìreach mar a th' aig Garaidh à Lunnainn. Sgeulachdan domhainn, beairteach a tha ag èirigh à Cala Bendita - 's a bheannachdan!
Families - Highland, English, Spanish, Basque - are associated with an area in Mallorca during the holidays. We can see in history going back and forth over the years - them being younger in one chapter, possibly, than when we saw them before. We are spinning in and out of Simon and Jenny's life and what they face, such as the people of Izar - and what left her the way she is? And what about the attenders, as is Lucia and Pepe? They have their own life, their own languages, just like Gary from London. Deep, rich stories that are rising from Cala Bendita - and its blessings!