Carragh na Cuimhne le Coinneach Dòmhnallach
Bha ùidh mhòr aige anns a' Ghàidhlig agus ann an dualcas nan Gàidheal, mar a thuigeas duine bhon bàrdachd a tha anns an leabhar seo. Bha ceangal air leth aige ri cleachdaidhean an t-seann taigh ceilidh, agus dhe na h-òrain gu lèir, b' e "An Cabar Sùith" a b' eòlaich air an robh dhaoine. Bha e cuideachd a' sgrìobhadh rosg anns a' Ghàidhlig. An dèidh imrich a dhèanamh a Ghlaschu lean e air a bhith an cuideachd nan Gàidheal agus ri toirt taice don Ghàidhlig. Bha e na ionmhasair aig Comunn Leòdhais agus na Hearadh, agus bhiodh e a' gabhail compairt an craobh-sgaoileadh na Gàidhlig, gu h-àraidh ann an leughadh naidheachdan.