Gymnippers Diciadain le Martainn Mac an t-Saoir
Fear is tè, DJ agus Caroline, a' coinneacadh ri linn a bhith a toirt an cuid chloinne gu Gymnippers an Dun Èideann. Fhad 's a bhios a' chlann ag eacarsaich, fàsaidh iadsan eòlach air a chèile. Is fàsaidh sinne eòlach orrasan - is air iomadach neach eile a tha a' suathadh nam beatha.
Tha a' bheatha sin ga nochdadh dhuinn fad mu ochd mìosan air bliadhna shònraichte. Is fhad 's a tha sinn a' leantainn caran is tionndaidhean an sgeòil, cuirear fa ar comhair na bha dha-rìribh a' dol san t-saoghal a-muigh, o thachartais eadar-nàiseanta gu feadhainn bheag nach fiosraicheadh mòran. Tha an colmadh gar toirt gu domhainn a-staigh a shaoghal làitheil pearsachan an leabhair.
'S e saoghal làn cainnt a tha sin. Bha e soilleir o Ath-Aithne gu robh alt iongantach aig an ùghdar seo air còmhradh. Agus abair gu bheil sin an seo, eadar sgaoilteach mhòr dhaoine, an Alba is thall thairis.
Còmhraidhean mu cheistean an latha, mu eachdraidh, mu dhualchas, mu theaghlaichean. Is gu h-àraidh còmhraidhean mun deidhinn fhèin aig an dithis a choinnich aig Gymnippers. Saoil dè tha romhpe?