Steall à Iomadh Lòn le Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain
Chuir Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain seachad làithean òige anns na Hearadh agus an Uibhist a Tuath. An dèidh sin thòisich e, mar a chanas e fhèin, a' siubhal nan seachad sitigean.
O chionn dà fhichead bliadhna chaidh e air imrich a Chanada agus thug an obair a bha aige an sin, mar chonaltraiche corporra, air an fhalbhan e gu caochladh dhùthchannan.
An dèidh còig bliadhna fichead anns a' ghnìomhachas niùclasach thill e a dh'Albha a dh'obair do Sheirbheis nam Meadhanan Gàidhlig. Nuair a leig e dheth an dreuchd sin dhragh a bhean air taod e air ais a Cheap Breatann. Chan e gu robh e 'g iarraidh mòran coiteachaidh oir bha e meas an eilein sin mar An Innis Àigh anns an robh e son tuilleadh ùine a chaitheamh.
Anns an leabhar seo tha e toirt iomraidh air eachdraidh a bheatha ach cuideachd air an dualchas, an eachdraidh agus an àrainneachd a chuir cruth air a smuaintean agus a ghiùlan.