Zhonda? Khamsin? Sharaav? Camanchaca? le Rody Gorman
Rugadh Rody Gorman ann am Baile Àtha Cliath agus tha e a' fuireach san Eilean Sgiatheanach a-nis. Am measg nan cruinneachdaidhean leis tha Fax (Polygon, 1996), Cùis-Ghaoil (diehard, 1999), Air a' Charbad fo Thalamh (Polygon, 2000), Naomhóga na Laoi (Coiscéim, 2003), Tóithín ag Tláithínteacht (Lapwing, 2004) agus An Duilleag agus an Crotal (Coiscéim, 2004). Tha e air a bhith na sgrìobhadair còmhnaidheach aig Sabhal Mòr Ostaig agus aig Oilthigh Chorcaigh. Tha e na fhear-deasachaidh air an iris bàrdachd Ghàidhlig-Ghaeilge An Guth.