Mil San Tì? le Seonag Monk(2016), 220 pages. The Sìle Armstrong toilichte. Tha i tana, bòidheach, le beatha ghleansach còmhla ris an duine bheartach aice, Seumas. Tha i gu math nas toilichte na a piuthar, Fiona, a tha cho reamhar sluisgeach agus pòsta ris a' phloc ud, Fearghas. Chan eil Fiona a' ceasnachadh co-dhiù a tha i toilichte gus nach eil, i a'gàireachdaich 's a' cumail a-mach às an rathad air beul biorach a peathar-chèile, Nora. Chan eil Nora toilichte. Tha Nora a' ruith taigh-aoigheachd. 'S e sgeul socair air beatha hum drum bhoireannach a th' ann am Mil San Tì, le beagan deoch-làdair, slugadh philichean, neo-dhìlseachd, làmhachas-làidir agus rudeigin car coltach ti murt a' snìomh an sgeòil ri chèile... _____________________________________________________ Aiteal: Sreath de sgrìobhaidean sgoinneil bho sgrìobhaidearan sgaiteach. Sreath ùr bho Acair, le taic bho Chomhairle nan Leabhraichean.